9.9.05

Fàilte an-seo a h-uile duine!

Fàilte chun an leabhair lìn agam! Seo an t-àite far am bi mi a’sgrìobhadh rudeigin ann an Gàidhlig, bho àm gu àm. Thòisich mi Gàidhlig ionnsachadh o chionn cha mhòr dà bhliadhna. Tha mi ag ionnsachadh dìreach leam fhìn agus chan eil Gàidhlig glè mhath agam fhathast. Uaireannan bidh e doirbh dhomh sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig air sgàth ’s nach eil faclair agam: bidh e doirbh dhomh faclan ùra ionnsachadh – bidh mi dìreach a’ cleachdadh faclairean air-loidhne, no bidh mi a’leughadh rudeigin anns a’Ghàidhlig, mar eisimpleir, “Litir do Luchd-Ionnsachaidh”, agus mi a’lorg faclan is abairtean feumail a b’ urrainn dhomh cleachdadh cuideachd! :) Chan eil sin furasta ach a dh’aindeoin sin, ’s toil leam sgrìobhadh sa Ghàidhlig, gu mòr!!! Agus tha mi glè shona gun do nochd deagh chothrom seo agam – sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig an-seo - tapadh leibh a Ghràisg!!!

Tha mi a’ smaoineachadh gur e cànan glè bhòidheach a tha ann an Gàidhlig agus tha mi ag iarraidh a’ chànain seo a bhith beò. Mar sin, tha mi dhen bheachd gum bu choir do bharrachd Gàidhlig a bhith air an Eadar-Lìon. Agus mar as motha, ’s ann as fheàrr!

Tha mi a’fuireach ann an dùthaich a tha glè fhada bho Alba, neo dùthchannan eile far a bheil daoine ann a tha ag ionnsachadh Gàidhlig – mar Chanada, na Stàitean Aonaichte, Astràilia is mar sin air adhart. Tha mi a’fuireach ann an Kazakhstan agus chan eil guth air Gàidhlig an-seo idir. Gu mi-fhortanach, chan eil mi eòlach air duine sam bith an-seo, a tha ag ionnsachadh Gàidhlig. Chan eil ùidh aig daoine a tha a’fuireach an-seo, ann an rudan as toil leam, gu h-àraidh aig daoine dhen aon aois a tha mise. Tha ùidh aca ann an rudan nuadha is fasanta, ach ’s toil leam daonnan rudeigin eadar-dhealaichte. Carson a tha mi cho neònach?! :( Uill chan eil fios agam fhìn…
Agus ’s dòcha gu bheil ceist agaibh dhomh: “Carson a tha thu ag ionnsachadh Gàidhlig???!” Uill chan e ceist fhurasta a tha seo. Tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig… ’s dòcha air sgàth’s gu bheil dìreach ùidh mhòr mhòr agam anns a’chànan seo, agus ann an cultar is eachdraidh na h-Alba. ’S toil leam ceòl Gàidhlig agus bàrdachd Ghàidhlig gu mòr. Uaireannan bidh mi a’faireachdainn mar gun do bhruidhinn mi Gàidhlig ’nam “phrevious life”, ma bha i ann!... :)

Uill chan eil tìde gu leòr agam ach feuchaidh mi ri sgrìobhadh an-seo bho àm gu àm co-dhiù. Tha mi an dòchas gun còrd am blog seo ribhse. Innsidh mi rudeigin eile dhuibh an ath thuras, ged nach eil fios agam fhathast cò uime a bhios mi a’sgrìobhadh. Cuideachd, tha dealbhan brèagha agam de na h-àiteachan inntinneach faisg air a’ bhaile anns a bheil mi a’fuireach, agus dhen bhaile fhèin. Seallaidh mi dhuibh iad. Feuchaidh mi ri an leabhar-lìn seo a dhèanamh inntinneach dhuibh!

Uill, tha mi cinnteach gun do sgrìobh mi rudeigin ceàrr an-seo, ach – “’S fheàrr Gàidhlig bhriste…..” – uill tha fios agaibh fhèin uile! :)

8 comments:

Graisg said...

Sin thu fhèin Fhlùr, tha do chuid sgrìobhaidh uabhasach fhèin math. Fàilte ort dhan 'blogosphere'Gàidhlig. Chòrd e rium gu mòr a bhith gad leughadh!

mona said...

sgoinneil, fàilte do shaoghal na gàidhlig air an lìon! :)
nach robh thusa air an liosta post-dealain bliadhna no dhà air ais agus dìreach a' toiseachadh le gàidhlig? tha do chuid ghàidhlig math fhèin a-nis! glè mhath! tha mi an dòchas gun leugh sin mòran bhuat! :)
a bheil ùidh agad tighinn don t-seòmar chòmhraidh (gaelic chat) uaireigin? tha e aig http://groups.msn.com/Gaidhlig agus tha spòrs mòr ann. agus is dòcha gu bheil am prògram SKYPE agad cuideachd? b' urrainn dhut gàidhlig a bhruidhinn (mar air fòn) còmhla ri daoine air feadh an t-saoghal! :)
deagh dhùrachdan às a' ghearmailt,
mona

tearlach61 said...

Hallo A Fhlùr,

Tha do chuid Ghàidhlig gle mhath chànain. 'S ann mu dhà bhliadhna air ais a thoisich mi Gàidhlig ionnsachadh cuideachd.

Mar a thuirt Mona, cothrom gu leòr comhradh Gàidhlig a dheanamh.

Thoisich mi SKYPE a chleachdadh beagan seachdainnan air ais agus tha e gu math feumail. Roimhe sin bhiodh mi a'deanamh comhraidhean Gàidhlig gach darna mìos s dòcha. Ach an drasta, 's e da neo tri uair gach seachdainn.

Chuck

Helena Gowan said...

Fàilte! Tha Gàidhlig glè mhath agad!

tha mi fhèin ag ionnsachachd Gàidhlig o chionn aon bliadhna ach cha chreid mi gu bheil Gàidhlig agam cho math ri agadsa. tha mi a' choimhead air adhart a'leugadh bhuat.

dùrachdan às na Stàitean.

Gath Clag said...

Chunnaic mi an facal "leabhar-lìn" ann an "Cothrom" air "Blog", ach an e ainm freagarrach? Chan eil mi cinnteach gu bheil. Tha "leabhar-lìn" beagan mar "e-text" air larach-lin mar Project Gutenburg. Sin mo bheachdsa co-dhiu!

Gath Clag said...

Nach cuireadh tu suil air -
http://groups.yahoo.com/group/sgarus/

Buidheann airson daoine aig a bheil Ruiseis agus Gaidhlig.

Flùr said...

Halò a h-uile duine! Tha mi glè thoilichte ur beachdan a leughadh an-seo! Agus tha mi glè thoilichte gun do chòrd mo bhlog ruibhse!!! Tapadh leibh!!!!!!! :)

Agus ciamar a tha sibh, a Mhona?! Toilichte ur faicinn an-seo cuideachd! :) ’S mise a bha air an liosta sin an-uiridh, ach chan eil mi ann tuilleadh.

Tha, tha ùidh agam ann an seòmar-chòmhraidh sin – cha robh fios agam gu robh a leithid de làrach-lìn ann! Tapadh leibh! :)

Ach chan eil SKYPE agam. :(


Liam,

Tha “podcasts” inntinneach agaibh!

Thòisich mi Gàidhlig ionnsachadh dìreach le bhith a’cleachdadh an Eadar-Lìon – tha mòran làraichean-lìn feumail ann a bhios gam chuideachadh Gàidhlig ionnsachadh. Tha e math a bhith a’cleachdadh an Eadar-Lìon, ged nach eil sin gu leòr airson a bhith fìleanta anns a’Ghàidhlig, gu dearbh.
SKYPE?! Fòn?!! Agallamh??!!! Uill, chan eil mi cinnteach gum bi e furasta dhomh…
Seadh, - ’s urrainn dhomh sgrìobhadh anns a’Ghàidhlig, - agus canaidh daoine gu bheil Gàidhlig math agam… Ach chan eil mi cinnteach an urrain dhomh bruidhinn sa Ghàidhlig ri duine sam bith idir… Chan eil mi a’tuigsinn na Gàidhlig gu leòr nuair a tha mi ga cluinntinn, agus ’s dòcha nach eil fuaimneachadh Gàidhlig math agam…


Gath,
’S fheàrr leam “Blog” na “Leabhar-Lìn” cuideachd, ach co-dhiù bidh mi uaireannan a’cleachdadh am facal “leabhar-lìn” cuideachd, air sgàth ’s nach toil leam a bhith a’cleachdadh an aon fhacal ann an dearbh theacsa ro thric! :)
Agus tapadh leibh airson na làraich-lìn sin!

Caoimhín,
Tha làrach-lìn inntinneach agaibh, tapadh leabh!

SEO said...

For a seo company
that provides search engine
optimisation
, and marketing solutions contact Proweb Direct.