29.4.06

Na h-Innseachan (2)

Halò a charaidean! :-) Smaoinich mi gur dòcha gum biodh e math nan sgrìobhainn rudeigin inntinneach a-rithist. :-)
Uill, mus tig sinn air ais don “bhaile nan ùbhlan”, no Almaty (agus tha mòran agam ri innse dhuibh fhathast! ;-) ), bu mhath leam innse dhuibh rudeigin a-rithist mu bhailtean nan Innseachan eile anns an robh sinn.
An dèidh Jaipur, bha sinn ann am baile eile, ris an canar Agra agus bha e glè inntinneach cuideachd.

Tha Agra ainmeil airson rudan bòidheach a th’air an dèanamh de marble, - rudan mar bhogsaichean, coinnlearan, truinnsearan, ìomhaighean is mar sin air adhart. Ach a bharrachd air sin, tha Agra ainmeil airson rudan a tha mòran nas iongantaiche na sin. Gu dearbh, tha fios aig mòran gur ann dìreach anns a’ bhaile sin a tha Taj Mahal, mausoleum bòidheach a tha ainmeil air feadh an t-saoghail.

Tha dealbhan inntinneach agam, agus tha mi a' dol gan sealltainn dhuibh an-diugh.


Mise agus mo phàrantan agus Taj Mahal air ar cùlaibh:


Nuair a bha sinn a’ coiseachd mu chuairt Thaj Mahal, bha neach-treòrachaidh còmhla ruinn, agus dh’ innis e dhuinn beagan eachdraidh an àite bhòidhich sin.

Bha Mughal Empire ann uaireigin ann an siathamh linn deug, far a bheil na h-Innseachan a-nis. Aig an àm sin, b’ e Agra am prìomh bhaile anns an Mughal Empire, agus b’ e Shah Jahan an emperor ann.

Agus b’ e Shah Jahan a thog Taj Mahal. Agus sin mar a bha e:
Bha bean aige, agus b’ e Mumtaz Mahal an t-ainm a bh’ oirre. Bha 13 daoine cloinne aca ach, an dèidh do Mhumtaz Mahal a ceathramh leanabh deug a bhreith, fhuair i bàs. Bha Shah Jahan glè bhrònach mu dheidhinn sin, agus dh’ òrdaich e do na h-obraichean lùchairt a bu bhòidhche a thogail air a son, lùchairt anns an rachadh a tiodhlacadh. Agus b’ e sin Taj Mahal a tha cho ainmeil an là an-diugh.

Tha Taj Mahal gu lèir air a dhèanamh de marble, agus tha e cho geal soilleir ann an solas na grèine ’s a tha e uaireannan doirbh do shùilean a chumail fosgailte fad na h-ùine. Tha e inntinneach mar a chaidh patterns àlainn a dhèanamh de diofar sheudan anns a’ marble sin - flùraichean, duilleagan, agus sgrìobhaidhean ann an Arabais, ’s dòcha bhon leabhar naomh aig Muslims, Qur’an. Tha e a’ cur iongnadh orm ciamar a rinn na luchd-togail sin. ’S dòcha gum b’ e obair dhoirbh chruaidh a bha sin, togalach mar sin a thogail. Gu dearbh, mar a dh’innis ar neach-treòrachaidh dhuinn, bha còrr is fichead mìle neach ag obair air an togalach sin, agus thug e 22 bliadhna an Taj gu lèir a thogail.

Pattern de diofar sheudan air balla Thaj Mahal:

Na sgrìobhaidhean Arabais:

Chaidh sinn a-steach don Taj Mahal, agus feumaidh mi ràdh gu robh e iongantach. Tha a h-uile rud air a dhèanamh de marble agus tha diofar sheudan ann cuideachd. Cha robh an seòmar anns an robh sin, cho mòr, ach ’s dòcha gun do smaoinich mi gu robh e mar sin, air sgàth ’s gu robh daoine gu leòr ann. Tha dà uaigh ann a th’ air an dèanamh de marble cuideachd, tè aig Mumtaz Mahal agus tè aig Shah Jahan, ged a tha iad fhèin air an tiodhlacadh ann am fear de 16 seòmair eile a tha fon t-seòmar seo fhèin.

Gun teagamh, ’s e baile inntinneach a tha ann an Agra. Agus chan ann air sgàth Taj Mahal a-mhàin. Tha Red Fort ann cuideachd, àite far an do dh’fhuirich cuid de na riaghladairean nuair a bha Agra na phrìomh bhaile. Bha Shah Jahan nam neasg cuideachd.



Chaidh Red Fort a thogail le emperor eile, Akbar, seanair Shah Jahain. Mòran bhliadhnaichean an dèidh sin, bha Shah Jahan fhèin na rìgh anns an Red Fort. Thachair rudan uabhasach rè nam bliadhnaichean mu dheireadh ann am beatha Shah Jahan, ge-tà: chaidh a phrìosanachadh anns an Red Fort fhèin, agus b’ e a mhac a chuir anns a’ phrìosan e, oir bha e fhèin ag iarraidh a bhith na rìgh an àite athair. Gu dearbh, bha beatha doirbh aig Shah Jahan aig an àm sin, ach co-dhiù, bha rudeigin ann fhathast a chuir a bhean na chuimhne, agus bha gaol aige oirre fhathast. Thathar ag ràdh gur ann tric a bhiodh Shah Jahan a’ coimhead air Taj Mahal bhon àite anns an Red Fort far an robh am prìosan aige. ’S dòcha gu robh sealladh aige rudeigin mar sin:

Tha abhainn a’ sruthadh eadar Red Fort agus Taj Mahal (ged a tha e rud beag doirbh a faicinn anns an dealbh). ’S e Yamuna an t-ainm a th’ oirre. ’S e abhainn bhòidheach a tha ann an Yamuna, ged a tha fios againn a-nis nach eil i cho bòidheach anns an Fhaoilteach. ’S ann aig an àm sin a bha sinn anns na h-Innseachan agus, bha dùil againn dealbh inntinneach a thogail, anns am faiceamaid Taj Mahal agus a faileas ann an uisge na h-aibhne. Ach nuair a chaidh sinn don bhruaich Yamuna, chunnaic sinn nach robh mòran uisge anns an abhainn. Co-dhiù, seo agaibh dealbh de Yamuna, mar a tha i anns an Fhaoilteach: ;-)


Co-dhiù, an dèidh dhuinn seallaidhean brèagha de Red Fort agus Taj Mahal fhaicinn, chaidh sinn do na bùthan a bha faisg air na h-àiteachan sin, airson cuimhneachain inntinneach a cheannachd. Agus gu dearbh, chunnaic sinn rudan gu leòr anns na bùthan a bh’ air an dèanamh de marble, agus bha iad glè bhòidheach. An dèidh sin chaidh sinn dhan taigh-bìdh anns an robh biadh uabhasach blasta, agus cuid de dhaoine ann an Kazakhstan ag ràdh nach eil biadh blasta anns na h-Innseachan idir!

Nise, seallaidh mi beagan dhealbhan eile de Red Fort dhuibh.
Nuair a chaidh sinn a-steach don Red Fort, chunnaic sinn gu robh cuid de dh’àiteachan ann a bha geal, chan ann dearg: ged a bha ballachan a’ Red Fort air an togail de sandstone dearg, bha cuid de lùchairtean ann, a bh’ air an togail de marble:


Tha muncaidhean gu leòr anns an Red Fort. Uill, dh’innis cuideigin a bha anns na h-Innseachan roimhe, dhuinn, gur e creutairean uabhasach a tha ann an muncaidhean a tha a’ fuireach ann: bidh iad a’ toirt ionnsaigh air daoine agus a’ goid rudan a th’ aca, mar speuclairean, uaireadairean is mar sin air adhart... Ach co-dhiù, cha do chuir na muncaidhean dragh oirnn, anns an Red Fort. ’S dòcha nach fhaca iad sinn :-). Ach chunnaic sinne fear dhiubh, co-dhiù:


Uill, mus cuir mi crìoch air an sgeulachd agam, seallaidh mi dealbh dhuibh, agus ’s e a tha anns an dealbh seo sràid ann an Agra:

Dh’ innis mi dhuibh roimhe, gu robh sràidean ann am bailtean nan Innseachan rud beag neo-àbhaisteach (dhomhsa co-dhiù!), le trafaig gu leòr ann, agus le beathaichean a tha a’ coiseachd dìreach air na rathaidean gun eagal sam bith. Uill tha e mar sin ann an Agra cuideachd, ach tuigidh sibh nach eil na sràidean ann an Agra cho bòidheach ris na feadhainn ann an Jaipur – chan fhaighear lùchairtean pinc an seo idir. Ach tha cuid de rudan ann anns an dealbh sin, ge-tà, a tha a’ sealltainn gur ann ann an Agra a tha an sràid seo. ;-) An urrain dhuibh am faicinn? ;-)

28.4.06

Tha blog neònach agam...

Dè thachair air mo bhlog???
Chan urrainn dhomh fonts atharrachadh ann an teacsa.
Ach rud nas neònaiche na sin - carson a tha mo "Bhlogger" ag ràdh gun deach an teacsa a sgrìobhadh air a' 1d là dhen Ghiblean, 1990 (!!!), ged a tha mi a' sgrìobhadh AN-DIUGH???!!!!! Agus mar sin tha an teacsa aig an dearbh toiseach a' bhloig!
Am b' urrainn dhuibh mo chuideachadh??!!!