9.9.05

Fàilte an-seo a h-uile duine!

Fàilte chun an leabhair lìn agam! Seo an t-àite far am bi mi a’sgrìobhadh rudeigin ann an Gàidhlig, bho àm gu àm. Thòisich mi Gàidhlig ionnsachadh o chionn cha mhòr dà bhliadhna. Tha mi ag ionnsachadh dìreach leam fhìn agus chan eil Gàidhlig glè mhath agam fhathast. Uaireannan bidh e doirbh dhomh sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig air sgàth ’s nach eil faclair agam: bidh e doirbh dhomh faclan ùra ionnsachadh – bidh mi dìreach a’ cleachdadh faclairean air-loidhne, no bidh mi a’leughadh rudeigin anns a’Ghàidhlig, mar eisimpleir, “Litir do Luchd-Ionnsachaidh”, agus mi a’lorg faclan is abairtean feumail a b’ urrainn dhomh cleachdadh cuideachd! :) Chan eil sin furasta ach a dh’aindeoin sin, ’s toil leam sgrìobhadh sa Ghàidhlig, gu mòr!!! Agus tha mi glè shona gun do nochd deagh chothrom seo agam – sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig an-seo - tapadh leibh a Ghràisg!!!

Tha mi a’ smaoineachadh gur e cànan glè bhòidheach a tha ann an Gàidhlig agus tha mi ag iarraidh a’ chànain seo a bhith beò. Mar sin, tha mi dhen bheachd gum bu choir do bharrachd Gàidhlig a bhith air an Eadar-Lìon. Agus mar as motha, ’s ann as fheàrr!

Tha mi a’fuireach ann an dùthaich a tha glè fhada bho Alba, neo dùthchannan eile far a bheil daoine ann a tha ag ionnsachadh Gàidhlig – mar Chanada, na Stàitean Aonaichte, Astràilia is mar sin air adhart. Tha mi a’fuireach ann an Kazakhstan agus chan eil guth air Gàidhlig an-seo idir. Gu mi-fhortanach, chan eil mi eòlach air duine sam bith an-seo, a tha ag ionnsachadh Gàidhlig. Chan eil ùidh aig daoine a tha a’fuireach an-seo, ann an rudan as toil leam, gu h-àraidh aig daoine dhen aon aois a tha mise. Tha ùidh aca ann an rudan nuadha is fasanta, ach ’s toil leam daonnan rudeigin eadar-dhealaichte. Carson a tha mi cho neònach?! :( Uill chan eil fios agam fhìn…
Agus ’s dòcha gu bheil ceist agaibh dhomh: “Carson a tha thu ag ionnsachadh Gàidhlig???!” Uill chan e ceist fhurasta a tha seo. Tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig… ’s dòcha air sgàth’s gu bheil dìreach ùidh mhòr mhòr agam anns a’chànan seo, agus ann an cultar is eachdraidh na h-Alba. ’S toil leam ceòl Gàidhlig agus bàrdachd Ghàidhlig gu mòr. Uaireannan bidh mi a’faireachdainn mar gun do bhruidhinn mi Gàidhlig ’nam “phrevious life”, ma bha i ann!... :)

Uill chan eil tìde gu leòr agam ach feuchaidh mi ri sgrìobhadh an-seo bho àm gu àm co-dhiù. Tha mi an dòchas gun còrd am blog seo ribhse. Innsidh mi rudeigin eile dhuibh an ath thuras, ged nach eil fios agam fhathast cò uime a bhios mi a’sgrìobhadh. Cuideachd, tha dealbhan brèagha agam de na h-àiteachan inntinneach faisg air a’ bhaile anns a bheil mi a’fuireach, agus dhen bhaile fhèin. Seallaidh mi dhuibh iad. Feuchaidh mi ri an leabhar-lìn seo a dhèanamh inntinneach dhuibh!

Uill, tha mi cinnteach gun do sgrìobh mi rudeigin ceàrr an-seo, ach – “’S fheàrr Gàidhlig bhriste…..” – uill tha fios agaibh fhèin uile! :)