28.3.07

Cothrom 51

Am faca sibh an iris ùr de Chothrom? Uill, chan fhaca mi fhìn i fhathast, ach chuala mi gu bheil i a-mach a-nis!!! Sgrìobh mi aiste ann mu dheidhinn Chasagstan. Tha mi an dòchas gum bi e inntinneach do luchd-leughaidh!
Chuala mi gun do sgrìobh Mona agus Gràisg rudeigin ann an GATH. Glè inntinneach, gu dearbh!
Tha sinn uile cho ainmeil!!!!!

23.3.07

Nauryz Kutty Bolsyn! ;-)

Bha fèill againn an-dè (22mh latha dhen Mhàrt). Nauryz. 'S e sin Bliadhna Ùr Casagach. An t-àm nuair a thòisicheas an t-earrach gu dearbh. Spring equinox. Ciamar a chanas mi sin sa Ghàidhlig? Co-dhiù, tha an t-earrach ann gun teagamh, tha i brèagha, agus tha i blàth, agus chan eil sneachd ann idir!!!
Aig àm na fèille seo, tha na sràidean ann an Almaty a' coimhead gu math snog. Thog mi beagan dhealbhan, ged nach eil iad cho math... Ach co-dhiù, 's dòcha gu bheil sibh airson faicinn dè tha dol ann an Almaty...