28.4.06

Tha blog neònach agam...

Dè thachair air mo bhlog???
Chan urrainn dhomh fonts atharrachadh ann an teacsa.
Ach rud nas neònaiche na sin - carson a tha mo "Bhlogger" ag ràdh gun deach an teacsa a sgrìobhadh air a' 1d là dhen Ghiblean, 1990 (!!!), ged a tha mi a' sgrìobhadh AN-DIUGH???!!!!! Agus mar sin tha an teacsa aig an dearbh toiseach a' bhloig!
Am b' urrainn dhuibh mo chuideachadh??!!!

4 comments:

Flùr said...

Ged a tha e "Dihaoine 28mh den Ghiblean 2006" an turas seo, hehe... :-)

Chan urrainn dhomh mo phìos ùr mu dheidhinn nan Innseachan a chur an seo, ge-ta...

Graisg said...

Feuch a-rithist e Fhlùr, cuir nad chuimhne cuideachd gu bheil dà uinneag ri fhaighinn sa bhochsa teacsa, aon airson teacsa agus fear eile airson html, a bheil am fear airson html fosgailte an àite am fear àbhaisteach. Ma dh' fhaodte gu robh thusa a-steach nuair a thachair rudeigin neonach air blogspot.com ge-tà?

Flùr said...

Feuchaidh mi a-rithist an-diugh. Uill, tha agam ri uinneag airson html fhosgladh uaireannan, air sgàth gu bheil cuid de rudan ann uaireannan nach urrainn dhomh dèanamh le bhith a' cleachdadh na h-uinneig àbhaisteach a-mhàin. Ach an-dè, nochd rudeigin neònach anns a' còd html fhèin cuideachd. Cha robh trioblaidean mar sin roimhe, ge-tà. 'S dòcha, gu dearbh, tha rudeigin ceàrr air blogspot.com fhèin. No am faodadh sin a bhith air sgàth 's gu bheil mi a' cleachdadh Opera an àite Internet Explorer a-nis?

Flùr said...

'S urrainn dhomh gad chuideachadh, Fhlùr! :-)))

Tha mi a' faicinn a-nis! Gu dearbh, 's e Opera is coireach. Tha rudan ag obair ceart gu leòr ann an Internet Explorer, gu dearbh.