26.10.05

Uill, tha mi a'sgrìobhadh a-rithist...

Uill bha mi a' feuchinn ri beagan dhealbhan a chur nam bhlog an-diugh, agus bha mi a'feuchinn ri seo a dhèanamh an t-seachdain sa chaidh cuideachd. Ach chan eil fios agam carson, ach cha b'urrainn dhomh an cur an-seo idir. :(
Bha mi ag iarraidh sealltainn dhuibh beagan dhealbhan de dh' Almaty - am baile far a bheil mi a'fuireach. ’S e baile brèagha a th’ann, gu dearbh. Gu h-àraidh anns an fhoghar, nuair a tha dathan àlainn air na craobhan. Aig an àm seo, ’s toil leam a bhith a’coiseachd le mo chù anns a’phàirc a tha faisg air Republic Square. Agus gu dearbh, ’s toil leam na craobhan a tha a’ fàs an sin.
'S truagh nach eil dealbhan nam bhlog fhathast :(, ach, co-dhiù, feuchaidh mi ri an cur an-seo a-rithist, 's dòcha, an ath sheachdain......

3 comments:

Graisg said...

Seadh ‘s bochd sin Flùr, cia mheud kilobytes a th’ air gach dealbh? A bheil iad ro trom airson an t-siostam fòn agad? A bheil sibh a’ cleachdadh a’ bhogsa ‘create’ airson na dealbhan a chur air blogspot no html airson duilleig-lìn agad fhèin. A bheil iad anns a' chruth 'jpg'? Gabh mo leisgeil, cus ceistean aig an àm seo den oidhche. :-) Tha e math a bhith leughadh do naidheachd Flùr Oidhche mhath :-)

mona said...

fhlùr, an d' fhuair thu a-mach ciamar a nì thu sin leis na dealbhan a-nis? no a bheil cuideachadh a dhìth ort fhathast? innis dhuinn! tha mi cinnteach gur urrainn dhuinn do chuideachadh.
:)
mona

Flùr said...

Halò a Ghraisg, a Mhona agus Eòsaiph!
Mar a tha sibh a' faicinn, chuir mi dealbh an-seo a-nis.:)Dealbh beag co-dhiù, fhathast...
Co-dhiù, tha mi sgìth a-nis, ach feuchaidh mi ri rudeigin eile (nas motha na delbh seo :))) a chur an seo an ath sheachdain...
Tha mi'n dòchas gum bi mo bhlog mòran nas inntinniche a dh'aithghearr, nuair a bhios dealbhan ann...