29.4.07

A' sgrìobhadh an seo

Uill... Tha e cho doirbh a bhith a' sgrìobhadh anns a' bhlog... Chan e sin air sgàth 's gu bheil e doirbh a bhith a' sgrìobhadh sa Ghàidhlig, chan eil idir. Uill... 'S e sin air sgàth 's nach eil rud sam bith inntinneach agam ri ràdh. Chan eil rud sam bith agam ri ràdh agus chan eil rud sam bith agam ri dhèanamh sna làithean seo, chan eil dad a' tachairt an seo. Idir. Chan eil fhios agam dè bhios mi a' sgrìobhadh anns a' bhlog seo, agus chan eil fios agam cuin a bhios mi a' sgrìobhadh a-rithist. Is dòcha gu bheil mi sgìth cuideachd. Co-dhiù, cha robh mi riamh a' sgrìobhadh an seo gu tric...

28.3.07

Cothrom 51

Am faca sibh an iris ùr de Chothrom? Uill, chan fhaca mi fhìn i fhathast, ach chuala mi gu bheil i a-mach a-nis!!! Sgrìobh mi aiste ann mu dheidhinn Chasagstan. Tha mi an dòchas gum bi e inntinneach do luchd-leughaidh!
Chuala mi gun do sgrìobh Mona agus Gràisg rudeigin ann an GATH. Glè inntinneach, gu dearbh!
Tha sinn uile cho ainmeil!!!!!

23.3.07

Nauryz Kutty Bolsyn! ;-)

Bha fèill againn an-dè (22mh latha dhen Mhàrt). Nauryz. 'S e sin Bliadhna Ùr Casagach. An t-àm nuair a thòisicheas an t-earrach gu dearbh. Spring equinox. Ciamar a chanas mi sin sa Ghàidhlig? Co-dhiù, tha an t-earrach ann gun teagamh, tha i brèagha, agus tha i blàth, agus chan eil sneachd ann idir!!!
Aig àm na fèille seo, tha na sràidean ann an Almaty a' coimhead gu math snog. Thog mi beagan dhealbhan, ged nach eil iad cho math... Ach co-dhiù, 's dòcha gu bheil sibh airson faicinn dè tha dol ann an Almaty...

21.2.07

A' sgrìobhadh a-rithist...

Chan e blogair math a th’annam idir… :( Cha robh mi air a bhith a’ sgrìobhadh rud sam bith airson ùine mhòir mhòir!!! Uaireannan air sgath ’s gu robh mi gu math trang, uaireannan air sgàth ’s gu robh mi gu math leisg… A h-uile turas a tha mi a’ dol a sgrìobhadh rudeigin, tha rudeigin a’ tachairt... Tha daonnan rudeigin ann ri dhèanamh… Agus chan urrainn dhomh sgrìobhadh air sgàth sin… :( Dhìochuimhnich mi mo chuid Ghàidhlig rud beag cuideachd. Bu chòir dhomh barrachd a sgrìobhadh, co-dhiù......