21.8.06

Mosgo (Moscow)

Uill, chuir mi seachad dà sheachdain ann am Mosgo. Nise, tha mi air ais ann an Almaty, agus tha mi a’ dol a sgrìobhadh rudeigin anns a’ bhlog a-rithist. Rudeigin mu dheidhinn Mhosgo, ’s dòcha ;-) .......
Tha mo luchd-dàimh a’ fuireach ann am Mosgo, agus ’s e sin am prìomh adhbhar carson a chaidh mi a Mhosgo. Bha adhbhar eile ann cuideachd: ’s e seo mo chiad turas a Mhosgo. Seadh, ged a ’s e bana-Ruiseanach a th’ annam, cha robh mi anns an Ruis a-riamh roimhe. Neònach, nach eil? Uill, a thaobh nan adhbharan eile... Mmm... Gàidhlig? ;-) Uill, 's e adhbhar inntinneach a th' ann, gu dearbh... Ach chan eil càil a dh’ fhios agam càit’ a bheil an Comann Gàidhlig Mhosgo, ged a chunnaic mi an làrach-lìn aca... Cha do lorg mi rud sam bith eile co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig ann am Mosgo. Leis an fhìrinn innse, cha robh mòran tìde agam airson sin, chuir mi seachad mòran ùine còmhla ri mo luchd-dàimh. Co-dhiù, nuair a bha mi ann am Mosgo, lorg mi CD le ceòl Ceilteach, agus bha òran Gàidhlig ann, “Nuair Bha Mi Òg”!!! Abair òran snog!!! An rud as inntinniche, - cha robh ainm an òrain sin air a sgrìobhadh air còmhdach a' CD! Ach BHA an t-òran sin ann! ’S toil leam seo!!! Tha mi cho toilichte gun do lorg mi an CD!!! Feumaidh mi ràdh gu bheil e uabhasach doirbh ceòl Gàidhlig a lorg ann an Almaty. :-( Gu mì-fhortanach :-(

Chan eil fios agam carson, ach, mus deach mi dhan Ruis, cha do smaoinich mi gum biodh an dùthaich seo cho eadar-dhealaichte bho Khazakhstan. Ach bha. Ged a tha daoine a’ bruidhinn an aon chànan a tha air a bhruidhinn ann an Kazakhstan cuideachd, - Ruiseanais, - tha an Ruis rudeigin neònach dhomhsa. Chan eil mi cleachdte ris an dùthaich seo idir. Leis an fhìrinn innse, cha do chòrd Mosgo rium: chan eil mi cleachdte ri bàiltean mòra mar sin, chan eil mi cleachdte ri trèanaichean fon talamh, no “metro” mar a chanas na Ruiseanaich – chan eil a leithid de rud ann an Almaty. ’S toil leam sìde Mhosgo, ge-tà: chan eil i cho teth ’s a tha i ann an Almaty. Bha an t-uisge ann ann am Mosgo gu math tric ge-tà, ach cha robh sin a’ cur dragh orm, co-dhiù fhads a bha sgàilean agam :-).
Co-dhiù, thadhail mi air mòran àiteachan ainmeil agus inntinneach ann am Mosgo. Thog mi mòran dhealbhan snoga. ’S dòcha gum bu toil leibh na dealbhan sin fhaicinn, -- mar sin, seo agaibh cuid de na dealbhan as fheàrr leam:

Ceàrnag Dhearg (Red Square)









Sealladh air Ceàrnaig Dheirg bhon Eaglais Naoimh Bhasil (St. Basil's Cathedral)
Agus seo Eaglais Naoimh Bhasil (St. Basil's Cathedral)
Sealladh air Mosgo bho Vorobyovy Gory (na cnuic Vorobyovy)
Eaglais am broinn Kremlin
Tsar-Cannon anns a' Kremlin
Sealladh bho Khremlin
Dealbhan eile:



Gàrraidhean neònach a chunnaic mi aig All-Russian Exhibition Centre (Chan eil fios agam ciamar a chanas mi sin sa Ghàidhlig gu ceart...)









Mar a tha sibh a' faicinn, 's e baile mòr brèagha a th' ann am Mosgo. Ach chan eil mi eòlach gu leòr air a' bhaile. Mar sin, chan urrainn dhomh mòran innse dhuibh, fhathast co-dhiù. Ach tha min dòchas gun do chòrd na dealbhan ruibh.
Mar sin leibh an-dràsta!

29.7.06

An samhradh...

Halò! Ciamar a tha sibh?
'S fada bho nach robh mi a' sgrìobhadh rudeigin an seo... ’S dòcha gun do dhìochuimhnich a h-uile duine mi..... Ach tha mi fhathast ann!
Ged a tha mi deiseil leis a' cholaiste, agus ged as e an samhradh a th' ann a-nis, tha mi fhathast trang. Tha mòran agam ri dhèanamh na làithean seo, agus chan eil mòran ùine agam airson sgrìobhadh anns a' bhlog no anns an fhòram :-( Ach tha naidheachdan inntinneach agam ge-tà, agus tha mi an dòchas gum bi mi saor uaireigin, agus sgrìobhaidh mi mòran an seo.
Cha bhi mi saor anns an Lùnastal, ge-tà. Bidh mi ann an Mosgo a dh' aithghearr.

29.4.06

Na h-Innseachan (2)

Halò a charaidean! :-) Smaoinich mi gur dòcha gum biodh e math nan sgrìobhainn rudeigin inntinneach a-rithist. :-)
Uill, mus tig sinn air ais don “bhaile nan ùbhlan”, no Almaty (agus tha mòran agam ri innse dhuibh fhathast! ;-) ), bu mhath leam innse dhuibh rudeigin a-rithist mu bhailtean nan Innseachan eile anns an robh sinn.
An dèidh Jaipur, bha sinn ann am baile eile, ris an canar Agra agus bha e glè inntinneach cuideachd.

Tha Agra ainmeil airson rudan bòidheach a th’air an dèanamh de marble, - rudan mar bhogsaichean, coinnlearan, truinnsearan, ìomhaighean is mar sin air adhart. Ach a bharrachd air sin, tha Agra ainmeil airson rudan a tha mòran nas iongantaiche na sin. Gu dearbh, tha fios aig mòran gur ann dìreach anns a’ bhaile sin a tha Taj Mahal, mausoleum bòidheach a tha ainmeil air feadh an t-saoghail.

Tha dealbhan inntinneach agam, agus tha mi a' dol gan sealltainn dhuibh an-diugh.


Mise agus mo phàrantan agus Taj Mahal air ar cùlaibh:


Nuair a bha sinn a’ coiseachd mu chuairt Thaj Mahal, bha neach-treòrachaidh còmhla ruinn, agus dh’ innis e dhuinn beagan eachdraidh an àite bhòidhich sin.

Bha Mughal Empire ann uaireigin ann an siathamh linn deug, far a bheil na h-Innseachan a-nis. Aig an àm sin, b’ e Agra am prìomh bhaile anns an Mughal Empire, agus b’ e Shah Jahan an emperor ann.

Agus b’ e Shah Jahan a thog Taj Mahal. Agus sin mar a bha e:
Bha bean aige, agus b’ e Mumtaz Mahal an t-ainm a bh’ oirre. Bha 13 daoine cloinne aca ach, an dèidh do Mhumtaz Mahal a ceathramh leanabh deug a bhreith, fhuair i bàs. Bha Shah Jahan glè bhrònach mu dheidhinn sin, agus dh’ òrdaich e do na h-obraichean lùchairt a bu bhòidhche a thogail air a son, lùchairt anns an rachadh a tiodhlacadh. Agus b’ e sin Taj Mahal a tha cho ainmeil an là an-diugh.

Tha Taj Mahal gu lèir air a dhèanamh de marble, agus tha e cho geal soilleir ann an solas na grèine ’s a tha e uaireannan doirbh do shùilean a chumail fosgailte fad na h-ùine. Tha e inntinneach mar a chaidh patterns àlainn a dhèanamh de diofar sheudan anns a’ marble sin - flùraichean, duilleagan, agus sgrìobhaidhean ann an Arabais, ’s dòcha bhon leabhar naomh aig Muslims, Qur’an. Tha e a’ cur iongnadh orm ciamar a rinn na luchd-togail sin. ’S dòcha gum b’ e obair dhoirbh chruaidh a bha sin, togalach mar sin a thogail. Gu dearbh, mar a dh’innis ar neach-treòrachaidh dhuinn, bha còrr is fichead mìle neach ag obair air an togalach sin, agus thug e 22 bliadhna an Taj gu lèir a thogail.

Pattern de diofar sheudan air balla Thaj Mahal:

Na sgrìobhaidhean Arabais:

Chaidh sinn a-steach don Taj Mahal, agus feumaidh mi ràdh gu robh e iongantach. Tha a h-uile rud air a dhèanamh de marble agus tha diofar sheudan ann cuideachd. Cha robh an seòmar anns an robh sin, cho mòr, ach ’s dòcha gun do smaoinich mi gu robh e mar sin, air sgàth ’s gu robh daoine gu leòr ann. Tha dà uaigh ann a th’ air an dèanamh de marble cuideachd, tè aig Mumtaz Mahal agus tè aig Shah Jahan, ged a tha iad fhèin air an tiodhlacadh ann am fear de 16 seòmair eile a tha fon t-seòmar seo fhèin.

Gun teagamh, ’s e baile inntinneach a tha ann an Agra. Agus chan ann air sgàth Taj Mahal a-mhàin. Tha Red Fort ann cuideachd, àite far an do dh’fhuirich cuid de na riaghladairean nuair a bha Agra na phrìomh bhaile. Bha Shah Jahan nam neasg cuideachd.



Chaidh Red Fort a thogail le emperor eile, Akbar, seanair Shah Jahain. Mòran bhliadhnaichean an dèidh sin, bha Shah Jahan fhèin na rìgh anns an Red Fort. Thachair rudan uabhasach rè nam bliadhnaichean mu dheireadh ann am beatha Shah Jahan, ge-tà: chaidh a phrìosanachadh anns an Red Fort fhèin, agus b’ e a mhac a chuir anns a’ phrìosan e, oir bha e fhèin ag iarraidh a bhith na rìgh an àite athair. Gu dearbh, bha beatha doirbh aig Shah Jahan aig an àm sin, ach co-dhiù, bha rudeigin ann fhathast a chuir a bhean na chuimhne, agus bha gaol aige oirre fhathast. Thathar ag ràdh gur ann tric a bhiodh Shah Jahan a’ coimhead air Taj Mahal bhon àite anns an Red Fort far an robh am prìosan aige. ’S dòcha gu robh sealladh aige rudeigin mar sin:

Tha abhainn a’ sruthadh eadar Red Fort agus Taj Mahal (ged a tha e rud beag doirbh a faicinn anns an dealbh). ’S e Yamuna an t-ainm a th’ oirre. ’S e abhainn bhòidheach a tha ann an Yamuna, ged a tha fios againn a-nis nach eil i cho bòidheach anns an Fhaoilteach. ’S ann aig an àm sin a bha sinn anns na h-Innseachan agus, bha dùil againn dealbh inntinneach a thogail, anns am faiceamaid Taj Mahal agus a faileas ann an uisge na h-aibhne. Ach nuair a chaidh sinn don bhruaich Yamuna, chunnaic sinn nach robh mòran uisge anns an abhainn. Co-dhiù, seo agaibh dealbh de Yamuna, mar a tha i anns an Fhaoilteach: ;-)


Co-dhiù, an dèidh dhuinn seallaidhean brèagha de Red Fort agus Taj Mahal fhaicinn, chaidh sinn do na bùthan a bha faisg air na h-àiteachan sin, airson cuimhneachain inntinneach a cheannachd. Agus gu dearbh, chunnaic sinn rudan gu leòr anns na bùthan a bh’ air an dèanamh de marble, agus bha iad glè bhòidheach. An dèidh sin chaidh sinn dhan taigh-bìdh anns an robh biadh uabhasach blasta, agus cuid de dhaoine ann an Kazakhstan ag ràdh nach eil biadh blasta anns na h-Innseachan idir!

Nise, seallaidh mi beagan dhealbhan eile de Red Fort dhuibh.
Nuair a chaidh sinn a-steach don Red Fort, chunnaic sinn gu robh cuid de dh’àiteachan ann a bha geal, chan ann dearg: ged a bha ballachan a’ Red Fort air an togail de sandstone dearg, bha cuid de lùchairtean ann, a bh’ air an togail de marble:


Tha muncaidhean gu leòr anns an Red Fort. Uill, dh’innis cuideigin a bha anns na h-Innseachan roimhe, dhuinn, gur e creutairean uabhasach a tha ann an muncaidhean a tha a’ fuireach ann: bidh iad a’ toirt ionnsaigh air daoine agus a’ goid rudan a th’ aca, mar speuclairean, uaireadairean is mar sin air adhart... Ach co-dhiù, cha do chuir na muncaidhean dragh oirnn, anns an Red Fort. ’S dòcha nach fhaca iad sinn :-). Ach chunnaic sinne fear dhiubh, co-dhiù:


Uill, mus cuir mi crìoch air an sgeulachd agam, seallaidh mi dealbh dhuibh, agus ’s e a tha anns an dealbh seo sràid ann an Agra:

Dh’ innis mi dhuibh roimhe, gu robh sràidean ann am bailtean nan Innseachan rud beag neo-àbhaisteach (dhomhsa co-dhiù!), le trafaig gu leòr ann, agus le beathaichean a tha a’ coiseachd dìreach air na rathaidean gun eagal sam bith. Uill tha e mar sin ann an Agra cuideachd, ach tuigidh sibh nach eil na sràidean ann an Agra cho bòidheach ris na feadhainn ann an Jaipur – chan fhaighear lùchairtean pinc an seo idir. Ach tha cuid de rudan ann anns an dealbh sin, ge-tà, a tha a’ sealltainn gur ann ann an Agra a tha an sràid seo. ;-) An urrain dhuibh am faicinn? ;-)

28.4.06

Tha blog neònach agam...

Dè thachair air mo bhlog???
Chan urrainn dhomh fonts atharrachadh ann an teacsa.
Ach rud nas neònaiche na sin - carson a tha mo "Bhlogger" ag ràdh gun deach an teacsa a sgrìobhadh air a' 1d là dhen Ghiblean, 1990 (!!!), ged a tha mi a' sgrìobhadh AN-DIUGH???!!!!! Agus mar sin tha an teacsa aig an dearbh toiseach a' bhloig!
Am b' urrainn dhuibh mo chuideachadh??!!!

17.3.06

Na h-Innseachan (1)

Nochd cothrom agam a dhol do na h-Innseachan anns a’gheamhradh, nuair a bha saor-làithean agam, agus a-nis tha mi airson aithris a sgrìobhadh dhuibh mu dheidhinn sin. ’S e dùthaich bhrèagha iongantach a tha anns na h-Innseachan agus chòrd e rium gu mòr a bhith a’ siubhal ann. Cha robh ùidh agam anns na h-Innseachan roimhe, ach tha mi a’ tuigsinn a-nis gur e dùthaich air leth a th’ innte, gu dearbh. Tha deagh chuimhne agam fhathast air dè cho sunndach a bha mi, nuair a bha mi anns na h-Innseachan, oir nach robh (cha mhòr) rud sam bith ann a bha a’ cur dragh orm – uill, feumaidh mi aideachadh nach eil e an-còmhnaidh mar sin an seo, aig an taigh, ann an Kazakhstan, chan eil fios agam carson.

Chan eil na h-Innseachan ro fhada bho Khazakhstan. Tha e a’ toirt 3 uairean a dhol chun nan Innseachan le plèana. Nuair a ràinig sinn Delhi, cha b’urrainn dhuinn creidsinn gum b’e geamhradh a bh’ann – cha robh sneachd ann idir. Bha an aimsir car coltach ris an tè a th’againn ann an Kazakhstan anns an t-Sultain: grianach, blàth, gun sneachd no uisge ann idir :-) Agus, a bharrachd air aimsir, bha rud eile ann ris nach robh sinn cleachdte idir: bha a h-uile duine a’ bruidhinn cànanan gu tur eadar-dhealaichte! Hindi agus Beurla… Agus ’s dòcha gu bheil fios aig feadhainn agaibh gu bheil mòran chànanan eile air am bruidhinn air feadh nan Innseachan cuideachd! Ach cha b’urrainn dhuinn ach Beurla a bhruidhinn, agus, leis an fhìrinn innse, bha sin doirbh dhuinn an toiseach. (No dhomhsa, co-dhiù, b’ e sin a’ chiad turas nuair a bha mi a’ bruidhinn sa Bheurla ri duine ann an dùthaich chèin) Co-dhiù, bha sinn a’ bruidhinn agus bha daoine eile gar tuigsinn. (Bha trioblaid bheag agam an toiseach, ge-tà: a h-uile turas a bha mi ag iarraidh rudeigin a ràdh sa Bheurla, bha faclan Gàidhlig a’ tighinn gu mo chuimhne! :-))

Cha do dh’fhuirich sinn ann an Delhi ro fhada: bha againn ri dhol dhan stèisean rèile, oir bha sinn ag iarraidh bailtean eile fhaicinn.
A thaobh thrèanaichean, cha robh iad an-còmhnaidh math, oir bha e fuar ann uaireannan, gu h-àraidh anns an oidhche. Ach, gun teagamh, bha aon rud ann a bha a’ còrdadh rium anns na trèanaichean. Tì :-), no chai, mar a chanas iad fhèin (Tha e inntinneach gur e “chai” am facal Ruisis airson “tì”, cuideachd! :-)) Bha an chai aca glè bhlasta, dhomhsa co-dhiù, oir chuir iad masala ann. Mura h-eil fios agaibh, 's e spice blend a th’ann am masala a tha air a dhèanamh de spices leithid cardamom, cinnamon, ginger, cloves, black pepper agus uaireannan rudeigin eile cuideachd. Obh obh, ’s dòcha gu bheil mi a’ bruidhinn cus mu dheidhinn chai...... :-)

Nise, tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mu dheidhinn gach baile anns an robh sinn. An diugh, innsidh mi dhuibh mu dheidhinn Jaipur, a’chiad bhaile anns an robh sinn an dèidh dhuinn Delhi fhàgail.

’S e baile glè bhòidheach a tha ann an Jaipur, ’s toil leam e. Canaidh daoine “am baile pinc” ris, oir tha togalaichean air an togail de sandstone dearg anns a’ bhaile seo. Seallaibh air na dealbhan a thog sinn anns na sràidean ann an Jaipur, agus chì sibh gu bheil dath sònraichte air togalaichean ann a sin.










Agus rud eile mu dheidhinn nan sràidean – tha trafaig gu leòr ann, gu h-àraidh tha mòran mhotar-baidhgichean agus rikshas ann, uill tha càraichean ann cuideachd, agus tha iad uile a’ gluasad gu luath, agus tha e mar gu bheil iad a’ dràibheadh dìreach far a bheil iad ag iarraidh, is chan ann far am bu chòir dhaibh, mar nach eil riaghailtean dràibhidh sam bith aca idir! Ach a dh’ aindeoin sin, chan eil tubaistean sam bith ann, agus chan eil eagal sam bith air beathaichean idir. Seadh, beathaichean – tha bà, coin, uaireannan beathaichean eile, a’ coiseachd dìreach anns na sràidean, agus càraichean is baidhgichean a’ gluasad gu luath an siud ’s an seo! Agus chan ann ann an Jaipur a-mhàin a tha e mar sin, chunnaic sinn an aon rud ann an Delhi agus Agra cuideachd!

Ach tha mo smuaintean air Jaipur an-diugh. Thadhail sinn air trì àiteachan inntinneach anns a’bhaile bhrèagha seo. ’S e Jantar Mantar a’chiad àite anns an robh sinn. ’S e seann observatory a th’ann an Jantar Mantar. Chaidh an observatory sin a thogail le Sawai Jai Singh, riaghladair Jaipuir, ann an 1728 oir bha e fhèin ri astronomy is astrology gu mòr. Agus, anns an dol seachad, chaidh am baile seo fhèin a thogail le Jai Singh cuideachd, ann an 1727.
Seo na dealbhan de Jantar Mantar:

Uaireannan tha daoine a’ faighneachd dhìom: Carson nach eil dealbhan dhìot-fhèin ann air a’bhlog agad??? Gu dearbh, carson? Uill, seo agaibh fear de na dealbhan dhìom-fhìn, ma-thà! :-)
Agus seo mise agus m’ athair ann an Jantar Mantar cuideachd.


Faisg air Jantar Mantar, tha àite eile inntinneach far an robh sinn. ’S e Lùchairt a’Bhaile (City Palace) a th’ann, àite anns an robh maharaja a’ fuireach uaireigin. Agus thog sinn dealbhan inntinneach ann a sin cuideachd:

Mise a-rithist, ann an Lùchairt a'Bhaile
Uaireannan chunnaic sinn rudan inntinneach fhads a bha sinn ann an Lùchairt a’Bhaile: anns an t-soithich airgeadaich seo, bha na maharajas a’ cumail uisge bhon abhainn Ganga.









Dìreach faisg air Jaipur, tha baile eile ann, Amber. Chaidh sinn dhan bhaile seo airson Amber fort fhaicinn, àite a tha gu math inntinneach cuideachd. Seo dealbh dheth:
Tha ailbhein gu leòr ann anns an àite seo:










Agus nuair a bha sinn a’ dràibheadh air ais don taigh-òsta againn, chunnaic sinn lùchairt bhòidheach seo. Abair sealladh!!!Tha an dealbh seo a’ cur nam chuimhne mar a bha mi anns an àite seo fhèin, a’ seasamh air an rathad, agus chunnaic mi bodach a bha a’ cluich inneal-ciùil neònach. Bha e ga chluich ann an dòigh mar a chluicheadh e fidheall, ach cha robh sin coltach ri fidheall idir!! ’S e a bh’ anns an ionnstramaid seo – dìreach trì, no ’s dòcha ceithir pìosan fiodha cuirte ri chèile :-) Agus bha iad salach :-) Ach ’s toil leam a fuaim co-dhiù. Bha e car coltach ri guth boireann, glè bhòidheach. Uill, chan fhaca (agus cha chuala) mi a leithid a-riamh, fiù ’s an dèidh dhomh ionnsachadh ann an colaisde ciùil airson còig bliadhna! :-)

Seo Hawa Mahal, no Lùchairt nan Gaothan mar a chanas cuid. Carson na gaothan? Uill, chaidh innse dhomh gu bheil uinneagan sònraichte oirre, agus air sgàth sin, nuair a tha a’ghaoth a’ sèideadh, ’s urrainn dhut fuaimean sònraichte a chluinntinn. Uill chan eil fhios agam a bheil sin fìor. Cha chuala mi fuaim sam bith :-).Uill, cuiridh mi crìoch air an sgeulachd agam mu dheidhinn Jaipuir a-nis. Tha mi an dòchas gu robh i inntinneach dhuibh a leughadh, agus gum bi sgeulachdan eile inntinneach dhuibh cuideachd – tha mòran rudan eile agam ri innse dhuibh. Nuair a bhios tìde agam, sgrìobhaidh mi tuilleadh mu dheidhinn nan Innseachan, mar a bha sinn anns na bailtean eile...

4.3.06

Tha mi air ais...

Halò a-rithist! :-) Uill, tha mi air ais… Tha fios agam, cha do sgrìobh mi an seo airson ùine mhòr mhòr! Carson???!!! Uill, anns an Fhaoilteach bha mi anns na h-Innseachan, agus anns a’Ghearran bha mi tinn :-( … agus leisg… ;-) Uill, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil mo bhlog a’ coimhead cho èibhinn a-nis: nuair a tha daoine a’ tadhal air mo bhlog, ’s dòcha,’s e a’chiad rud a tha iad a’ faicinn, na faclan “Bliadhna Mhath ùr!”:-) Mar sin, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil àm ann airson rudeigin a sgrìobhadh a-rithist. ’S dòcha gun innis mi rudeigin dhuibh a dh’aithghearr. Rudeigin mu dheidhinn nan Innseachan, no rudeigin eile… Agus, cuideachd, tha mi ag iarraidh mo bhlog atharrachadh rud beag… Uill, chun an ath thuras, ma-thà! :-)

5.1.06

Bliadhna mhath ùr! ;-)

Bliadhna Mhath ùr a h-uile duine, ged a tha e rud beag anmoch sin a ràdh :-). Uill, tha mi trang a-nis, air sgàth 's gu bheil deuchainnean agam anns a'cholaiste, agus chan urrainn dhomh mòran a sgrìobhadh anns a'bhlog a-nis. :-( Nuair a bhios mi saor, innsidh mi rudeigin a-rithist dhuibh!