26.12.05

Nollaig Chridheil! :-)

Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr, a h-uile duine!!!!! :-)

23.12.05

Dealbhan eile

Uill, nuair a bha sinn anns na beanntan, thog sinn dealbhan eile a tha gu math inntinneach. Agus tha mi’n dòchas gun còrd iad ruibh :-)

Seo lorg-coise an fhamhair a tha a’fuireach anns na beanntan againn ;-)

’S toil leam an dealbh seo, cuideachd:

Nuair a bha mi anns a’bhealach Mhòr Talgar, chunnaic mi na flùraichean seo, agus sneachd na laighe air an talaimh air feadh an àite!

Seo feòrag a chunnaic mi nuair a bha mi ann an Alma-Arasan:

Dealbhan eile:

Agus seo fear de na dealbhan as inntinniche, ’s dòcha :-)

22.12.05

Beanntan

Fàilte gu Kazakhstan a-rithist, a charaidean! :-)

Innsidh mi dhuibh mu na beanntan an turas seo.
’S e Zailiysky Alatau an t-ainm a th’air na beanntan gu lèir a tha faisg air Almaty. ’S ann tric a tha sinn a’dol ann le caraidean mo mhàthar, agus bha sinn ann am mòran phàirtean de Zailiysky Alatau mar-thà.

Tha na beanntan seo àlainn, àrd (’S e Talgar a’bheinn as àirde an-seo, 5017m), drùidhteach, le seallaidhean iongantach an siud ’s an seo. Uill co-dhiù, chan eil na beanntan seo math anns a h-uile dòigh: tha iad òg, agus air sgàth sin, bidh crithean-talmhainn anns a’bhaile againn bho àm gu àm. Ach co-dhiù, tha sinn cleachdte ri sin mar-thà.

Co-dhiù, ’s e na beanntan an t-àite as annsa leam, agus ’s toil leam a bhith a’coiseachd ann, agus a’coimhead air na seallaidhean brèagha. Tha mòran àiteachan àlainn ann, agus mòran rudan inntinneach ri fhaicinn. Aibhnean, coilltean-giuthais, flùraichean, beathaichean, eòin… Gu dearbh, ’s toil leam dealbhan inntinneach a thogail a h-uile turas a tha mi anns na beanntan.

Uill, seo dealbhan a thog sinn nuair a bha sinn ann an àite ris an canar “Kim-Asar”, àite brèagha gu dearbh:












































Agus seo dealbhan bho àite eile inntinneach, Bealach Mòr Talgar (Great Talgar Pass):

































Agus anns an t-samhradh bha sinn ann an àite eile, Alma-Arasan gorge, àite gu math inntinneach air sgàth na seallaidhean brèagha, feòragan agus mineral sources.

































Uill, nuair a tha thu anns na beanntan, faodaidh tu rudan eile fhaicinn, chan e beanntan a-mhàin! :-) Tha dà àite ann cuideachd, a tha gu math inntinneach, gu h-àraidh do fheadhainn aig a bheil ùidh ann an spòrs, agus tha na h-àiteachan seo gu math popular agus ainmeil, is chan ann ann an Kazakhstan a-mhàin, ach ann an dùthchannan eile cuideachd.
’S e Medeo am fear de na h-àiteachan sin. ’S e skating rink a th’ann:











Faisg air an skating rink seo, mar as urrainn dhuibh faicinn (’s dòcha), tha dam ann, a dhìonas ar baile an aghaidh thuiltean, air sgàth 's gu bheil abhainn ann an àite seo, cuideachd:











Agus seo an t-àite eile, mountain-ski resort ris an canar Chimbulak, àite air leth math airson sgitheadh, ged a thog mi an dealbh sin anns an fhoghar nuair nach robh cus sneachd ann! ;-)











Uill, tha dealbhan eile agam a tha uabhasach inntinneach agus tha mi a’dol gan cur an seo a dh’aithghearr!!!


(Obh obh, cus fhaclan an seo air nach eil mi eòlach anns a’Ghàidhlig… :-( )

25.11.05

Salem! (Halò!)

Tha a h-uile càil ceart gu leòr a-nis, agus an-diugh chì sibh na dealbhan inntinneach a bha mi ag iarraidh sealltainn dhuibh. Agus ged nach eil mi cinnteach ciamar a chanas mi cuid de rudan anns a’Ghàidhlig, agus ged a bhios mi, ’s dòcha, a’dèanamh mearachdan an siud ’s an seo, tha mi a’dol a dh’innse dhuibh beagan mu dheidhinn Khazakhstan, agus mu dheidhinn a’bhaile far a bheil mi a’fuireach, Almaty.

Ach an toiseach, don fheadhainn aig nach eil fios mu dheidhinn Khazakhstan idir, is mu dheidhinn càit’ a bheil an dùthaich seo, feumaidh mi mìneachadh. ’S e tè de na dùthchannan Àisianach a tha ann an Kazakhstan, tha i faisg air an Rùis, agus faisg air Sìna, cuideachd. Bha i na pàirt de dh’ USSR roimhe, ach tha i neo-eisimeileach a-nis.

’S e dùthaich gu math inntinneach a tha ann an Kazakhstan. Uill, chan eil mi cinnteach mu dheidhinn na dùthcha gu lèir co-dhiù :-), oir nach robh mi riamh ann am pàirtean eile de Khazakhstan. Ach ’s urrainn dhomh ràdh le cinnt gur e baile brèagha inntinneach a th’ ann an Almaty, agus gu bheil na h-àiteachan a tha faisg air Almaty inntinneach gu leòr cuideachd. Co-dhiù, seallaibh air na dealbhan agam, agus tha mi’n dòchas gun còrd iad ruibh, agus ’s dòcha gun aontaich sibh leam gur e àite sònraichte a tha ann an Almaty, gu dearbh.
Tha mòran àiteachan diofaraichte againn an-seo ann an Kazakhstan, chan e steppes a-mhàin. Tha beanntan àlainn againn cuideachd an seo, agus tha pàircean brèagha ann ann an Almaty, gu dearbh. Agus tha cuid ag ràdh gu bheil togalaichean gu math inntinneach anns a’bhaile againn. Tha tòrr dhealbhan uabhasach inntinneach agam, gu dearbh. An-diugh, bu mhath leam tòiseachadh leis na dealbhan dhen bhaile fhèin.

Tha mi a’fuireach faisg air Republic Square (Chan eil fios agam ciamar a chanas mi sin sa Ghàidhlig), agus tha pàirc bhrèagha ann faisg air an àite seo cuideachd. Mar a sgrìobh mi anns a’bhlog roimhe, ’s toil leam a bhith a’coiseachd an sin anns an fhoghar nuair a tha dathan àlainn air duilleagan nan craobhan. Agus ged nach eil duilleagan air na craobhan a-nis, agus ged a tha i a’fàs nas fhuaire a-nis, anns an t-Samhain, bu mhath leam sealltainn dhuibh na dealbhan a thog mi anns an Dàmhair, nuair a bha i na bu bhlàithe agus nuair a bha i brèagha gu leòr. :)
Mar sin, seo a’ phàirc sin, agus na craobhan àlainn: Agus seo Republic Square fhèin:
’S e baile mòr a th’ ann an Almaty, agus bha Almaty na phrìomh-bhaile ann an Kazakhstan uaireigin, ach a-nis, ’s e Astana am prìomh-bhaile an seo. Tha dà chànan air am bruidhinn ann an Kazakhstan, Kazakh agus Ruiseanais (no Ruisis?). ’S e Kazakh an cànan oifigeil anns an dùthaich seo, agus ’s e Ruiseanais “cànan a’chonaltraidh eadar-nàiseanta” an-seo, mar a chanas iad. Cha bhi ach ceathrad às a'cheud de dhaoine a’bruidhinn Kazakh an seo, agus ’s e Ruiseanais a’phrìomh chànan aig càch.
Tha “Almaty”, no “Alma-Ata”, mar a chanadh ris a’ bhaile seo roimhe, a’ciallachadh “Athair nan ùbhlan” ann an Kazakh. Tha an t-ainm inntinneach seo air a’bhaile, ’s dòcha air sgàth ’s gu bheil ùbhlan gu leòr a’ fàs an seo.
Feumaidh mi aideachadh, co-dhiù, nach eil Kazakh agam. Dh’fheuch mi ri an cànan seo ionnsachadh nuair a bha mi anns an sgoil fhathast, ach a-nis dhìochuimhnich mi na dh’ionnsich mi. Chan eil cuimhne agam ach air beagan fhaclan… Tha e doirbh dhomh Kazakh ionnsachadh, leis an fhìrinn innse.
Co-dhiù, seo beagan abairtean ann an Kazakh, Ruiseanais agus Gàidhlig. ’S dòcha gum biodh ùidh agaibh annta. :)

Kazakh: ______Ruiseanais:_____Gàidhlig:

Salem!_________Privet!!_________Halò!
Salemetsiz be? __ Zdravstvuite!______Halò!
Chosh keldinizder!_Dobro pojalovat!__Fàilte!
Kaiyrly tan!______Dobroye utro!___Madainn mhath!
Kaiyrly kesh!____Dobry vetsher!___Feasgar math!
Kaiyrly tun!_____Dobroy notshi!__Oidhche mhath!
Chalin kalay?____Kak dela?_____Ciamar a tha thu?
Jaksy, rachmet-Chorosho, spasibo-Tha gu math, tapadh leat
Sau bol!_________Poka!_________Tìoraidh!


Tha sin uabhasach doirbh, nach eil? :) Gu h-àraidh air sgàth ’s nach urrainn dhomh fuaimneachadh nam faclan seo a mhìneachadh dhuibh fhathast! :-) Ach, co-dhiù,… chan eil, chan eil sin cho doirbh, tha mi a’smaoinntinn… - bhiodh e mòran na bu dorra dhuibh seo a leughadh nan cleachdadh mi ‘Cyrillic font’ an seo, nuair a sgriobh mi na h-abairtean seo! :) Ach tha fios agam nach urrainn do dh’fheadhainn litrichean Cyrillic fhaicinn air na coimpiutaran aca. Mar sin cha bhi mi a’cleachdadh litrichean Ruiseanais an-seo. (Mura h-eil fios aigaibh – tha aibidil Ruiseanais (agus Kazakh cuideachd) gu tur eadar dhealaichte bhon aibidil Bheurla agus Ghàidhlig – feumaidh tu Cyrillic font a chleachdadh air a son.)
Uaireannan, canaidh daoine a tha ag ionnsachadh Ruiseanais, gur e cànan glè dhoirbh a th’ ann. Co-dhiù, ma tha ùidh agaibh ann an Ruiseanais, seo dà làraich-lìn mu dheidhinn a’chànain seo:
http://www.learningrussian.com
agus
http://www.masterrussian.com
Chan eil mi eòlach air làraichean sam bith mu dheidhinn Kazakh, ge-tà.

’S dòcha gum bu toil leibh barrachd dhealbhan fhaicinn, agus seallaidh mi dhuibh iad an ath thuras. Tha mi dhen bheachd gur e na beanntan an t-àite as inntinniche ann an Kazakhstan. Tha iad uabhasach brèagha, gu dearbh, agus bidh cothrom agaibh am faicinn a dh’aithghearr anns a’bhlog seo…

13.11.05

Dealbh!!!!!!! :)))))




'S urrainn dhomh dealbhan a chur an seo!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!! :)))
Uill tha e glè bheag, co-dhiù...

26.10.05

Uill, tha mi a'sgrìobhadh a-rithist...

Uill bha mi a' feuchinn ri beagan dhealbhan a chur nam bhlog an-diugh, agus bha mi a'feuchinn ri seo a dhèanamh an t-seachdain sa chaidh cuideachd. Ach chan eil fios agam carson, ach cha b'urrainn dhomh an cur an-seo idir. :(
Bha mi ag iarraidh sealltainn dhuibh beagan dhealbhan de dh' Almaty - am baile far a bheil mi a'fuireach. ’S e baile brèagha a th’ann, gu dearbh. Gu h-àraidh anns an fhoghar, nuair a tha dathan àlainn air na craobhan. Aig an àm seo, ’s toil leam a bhith a’coiseachd le mo chù anns a’phàirc a tha faisg air Republic Square. Agus gu dearbh, ’s toil leam na craobhan a tha a’ fàs an sin.
'S truagh nach eil dealbhan nam bhlog fhathast :(, ach, co-dhiù, feuchaidh mi ri an cur an-seo a-rithist, 's dòcha, an ath sheachdain......

9.9.05

Fàilte an-seo a h-uile duine!

Fàilte chun an leabhair lìn agam! Seo an t-àite far am bi mi a’sgrìobhadh rudeigin ann an Gàidhlig, bho àm gu àm. Thòisich mi Gàidhlig ionnsachadh o chionn cha mhòr dà bhliadhna. Tha mi ag ionnsachadh dìreach leam fhìn agus chan eil Gàidhlig glè mhath agam fhathast. Uaireannan bidh e doirbh dhomh sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig air sgàth ’s nach eil faclair agam: bidh e doirbh dhomh faclan ùra ionnsachadh – bidh mi dìreach a’ cleachdadh faclairean air-loidhne, no bidh mi a’leughadh rudeigin anns a’Ghàidhlig, mar eisimpleir, “Litir do Luchd-Ionnsachaidh”, agus mi a’lorg faclan is abairtean feumail a b’ urrainn dhomh cleachdadh cuideachd! :) Chan eil sin furasta ach a dh’aindeoin sin, ’s toil leam sgrìobhadh sa Ghàidhlig, gu mòr!!! Agus tha mi glè shona gun do nochd deagh chothrom seo agam – sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig an-seo - tapadh leibh a Ghràisg!!!

Tha mi a’ smaoineachadh gur e cànan glè bhòidheach a tha ann an Gàidhlig agus tha mi ag iarraidh a’ chànain seo a bhith beò. Mar sin, tha mi dhen bheachd gum bu choir do bharrachd Gàidhlig a bhith air an Eadar-Lìon. Agus mar as motha, ’s ann as fheàrr!

Tha mi a’fuireach ann an dùthaich a tha glè fhada bho Alba, neo dùthchannan eile far a bheil daoine ann a tha ag ionnsachadh Gàidhlig – mar Chanada, na Stàitean Aonaichte, Astràilia is mar sin air adhart. Tha mi a’fuireach ann an Kazakhstan agus chan eil guth air Gàidhlig an-seo idir. Gu mi-fhortanach, chan eil mi eòlach air duine sam bith an-seo, a tha ag ionnsachadh Gàidhlig. Chan eil ùidh aig daoine a tha a’fuireach an-seo, ann an rudan as toil leam, gu h-àraidh aig daoine dhen aon aois a tha mise. Tha ùidh aca ann an rudan nuadha is fasanta, ach ’s toil leam daonnan rudeigin eadar-dhealaichte. Carson a tha mi cho neònach?! :( Uill chan eil fios agam fhìn…
Agus ’s dòcha gu bheil ceist agaibh dhomh: “Carson a tha thu ag ionnsachadh Gàidhlig???!” Uill chan e ceist fhurasta a tha seo. Tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig… ’s dòcha air sgàth’s gu bheil dìreach ùidh mhòr mhòr agam anns a’chànan seo, agus ann an cultar is eachdraidh na h-Alba. ’S toil leam ceòl Gàidhlig agus bàrdachd Ghàidhlig gu mòr. Uaireannan bidh mi a’faireachdainn mar gun do bhruidhinn mi Gàidhlig ’nam “phrevious life”, ma bha i ann!... :)

Uill chan eil tìde gu leòr agam ach feuchaidh mi ri sgrìobhadh an-seo bho àm gu àm co-dhiù. Tha mi an dòchas gun còrd am blog seo ribhse. Innsidh mi rudeigin eile dhuibh an ath thuras, ged nach eil fios agam fhathast cò uime a bhios mi a’sgrìobhadh. Cuideachd, tha dealbhan brèagha agam de na h-àiteachan inntinneach faisg air a’ bhaile anns a bheil mi a’fuireach, agus dhen bhaile fhèin. Seallaidh mi dhuibh iad. Feuchaidh mi ri an leabhar-lìn seo a dhèanamh inntinneach dhuibh!

Uill, tha mi cinnteach gun do sgrìobh mi rudeigin ceàrr an-seo, ach – “’S fheàrr Gàidhlig bhriste…..” – uill tha fios agaibh fhèin uile! :)