Tha mo luchd-dàimh a’ fuireach ann am Mosgo, agus ’s e sin am prìomh adhbhar carson a chaidh mi a Mhosgo. Bha adhbhar eile ann cuideachd: ’s e seo mo chiad turas a Mhosgo. Seadh, ged a ’s e bana-Ruiseanach a th’ annam, cha robh mi anns an Ruis a-riamh roimhe. Neònach, nach eil? Uill, a thaobh nan adhbharan eile... Mmm... Gàidhlig? ;-) Uill, 's e adhbhar inntinneach a th' ann, gu dearbh... Ach chan eil càil a dh’ fhios agam càit’ a bheil an Comann Gàidhlig Mhosgo, ged a chunnaic mi an làrach-lìn aca... Cha do lorg mi rud sam bith eile co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig ann am Mosgo. Leis an fhìrinn innse, cha robh mòran tìde agam airson sin, chuir mi seachad mòran ùine còmhla ri mo luchd-dàimh. Co-dhiù, nuair a bha mi ann am Mosgo, lorg mi CD le ceòl Ceilteach, agus bha òran Gàidhlig ann, “Nuair Bha Mi Òg”!!! Abair òran snog!!! An rud as inntinniche, - cha robh ainm an òrain sin air a sgrìobhadh air còmhdach a' CD! Ach BHA an t-òran sin ann! ’S toil leam seo!!! Tha mi cho toilichte gun do lorg mi an CD!!! Feumaidh mi ràdh gu bheil e uabhasach doirbh ceòl Gàidhlig a lorg ann an Almaty. :-( Gu mì-fhortanach :-(
Chan eil fios agam carson, ach, mus deach mi dhan Ruis, cha do smaoinich mi gum biodh an dùthaich seo cho eadar-dhealaichte bho Khazakhstan. Ach bha. Ged a tha daoine a’ bruidhinn an aon chànan a tha air a bhruidhinn ann an Kazakhstan cuideachd, - Ruiseanais, - tha an Ruis rudeigin neònach dhomhsa. Chan eil mi cleachdte ris an dùthaich seo idir. Leis an fhìrinn innse, cha do chòrd Mosgo rium: chan eil mi cleachdte ri bàiltean mòra mar sin, chan eil mi cleachdte ri trèanaichean fon talamh, no “metro” mar a chanas na Ruiseanaich – chan eil a leithid de rud ann an Almaty. ’S toil leam sìde Mhosgo, ge-tà: chan eil i cho teth ’s a tha i ann an Almaty. Bha an t-uisge ann ann am Mosgo gu math tric ge-tà, ach cha robh sin a’ cur dragh orm, co-dhiù fhads a bha sgàilean agam :-).
Co-dhiù, thadhail mi air mòran àiteachan ainmeil agus inntinneach ann am Mosgo. Thog mi mòran dhealbhan snoga. ’S dòcha gum bu toil leibh na dealbhan sin fhaicinn, -- mar sin, seo agaibh cuid de na dealbhan as fheàrr leam:




Agus seo Eaglais Naoimh Bhasil (St. Basil's Cathedral)

Sealladh air Mosgo bho Vorobyovy Gory (na cnuic Vorobyovy)


Tsar-Cannon anns a' Kremlin

Sealladh bho Khremlin
Dealbhan eile:





Mar a tha sibh a' faicinn, 's e baile mòr brèagha a th' ann am Mosgo. Ach chan eil mi eòlach gu leòr air a' bhaile. Mar sin, chan urrainn dhomh mòran innse dhuibh, fhathast co-dhiù. Ach tha min dòchas gun do chòrd na dealbhan ruibh.
Mar sin leibh an-dràsta!
6 comments:
'S e an sgeul inntinneach a th'ann. Tha mi-fhìn a'fuireach ann am Mosgo (seo mise, andrei) agus 's e inntinneach a leughadh dè tha beachd aig daoine eile air a' bhaile-mhòr agam.
B'e samhradh fuar a b'ann am bliadhna seo gu dearbh.
Tapadh leat airson na freagairt Andrei !
Bhiodh e math a' bhlog agad fhèin fhaicinn cuideachd ;-)
Tha mi a' dol rudeigin gu a' bhlog agam a sgrìobhadh a dh'aithghearr, tha sin ceart agad :-)
Is e an t-ainm a th 'orm lilian. Is e latha glè thoilichte mo bheatha a tha seo air sgàth an taic a thug Dr.saguru dhomh le bhith a' cuideachadh le bhith a 'faighinn air ais dhan t-seann duine leis an draoidheachd draoidheachd agus draoidheachd. Bha mi pòsta airson 6 bliadhna agus bha e cho uamhasach oir bha an duine agam a 'cur dragh orm agus bha mi a' sireadh airson sgaradh-pòsaidh ach nuair a nochd e air post-d Dr.saguru air an eadar-lìon air mar a chuidich e uiread de dhaoine a 'faighinn an ex back Agus cuideachadh a 'càradh càirdeas agus a' toirt air daoine a bhith toilichte san dàimh aca. Mhìnich mi mo shuidheachadh dha agus an uairsin iarraidh air a chuideachadh ach airson an iongnadh as motha a chuir e ormsa gun cuidich e mi leis a 'chùis agam agus an-seo tha mi a-nis a' comharrachadh gu bheil an duine agam air atharrachadh gu math airson math. Tha e an-còmhnaidh ag iarraidh a bhith leamsa agus chan urrainn dhomh rud sam bith a dhèanamh às aonais an latha an-diugh. Tha mi a 'còrdadh rium gu mòr ris a' phòsadh agam, dè a tha fìor shoirbheachail. Cumaidh mi air deuchainn air an eadar-lìon seach gu bheil Dr.saguru fìor dha-rìreabh. A bheil feum agad air cobhair a dhèanamh air a 'cheangal a th' aig an neach-ealain SAGURU A-NIS VIA E-MAIL: drsagurusolutions@gmail.com no whatsapp +2349037545183 Is e an aon fhreagairt a tha air do dhuilgheadas agus a bhith gad dhèanamh toilichte leis a 'chàirdeas agad.
1 LOVE SPELL
2 GUN A-STEACH A-STEACH
3 FRAITHEAN A 'BHOB
4 SPORADH PROMOTION
5 SPÒR DÌON
6 SPÒR GNÌOMHACH
7 SPÒR-OBRACH DAOINE
8 SPOT SPÒRS AN LOTARA AGUS CÙISEAN CÙISEAN.
Hello, tha mise bho na Stàitean Aonaichte, tha mi airson an teisteanas mhath seo a cho-roinn mu mar a chuidich Dr.Agbazara mi a thoirt air ais le mo leannan a bh 'ann. Nuair a bha mi a' lorg airson fuasgladh thàinig mi an conaltradh ri Dr.Agbazara agus le cuideachadh a thàinig mo leannan air ais gu mi taobh a-staigh 48 uair a thìde. Mar sin, le seo tha mi cho trom airson comhairle a thoirt do dhuine sam bith a tha a 'sireadh slighe airson a bhith a' faighinn a leannan air ais gus bruidhinn ri Dr.Agbazara air WhatsApp: ( +2348104102662 ) no tro phost-d aig: ( agbazara@gmail.com ) Tha mi cho toilichte co-dhiù mi fhìn agus tha mo leannan air ais dha chèile a-rithist agus a 'dol a chuir seachad cuirm na Bliadhn' Ùire còmhla. A 'toirt taing don Dr.Agbazara a-rithist ...
Tha fuasgladh aig a h-uile duilgheadas nuair a choinnicheas tu ris an taobh cheart
duine !! Na biodh eagal ort gu bheil caster geasa mòr ann agus luchd-fuasglaidh dhuilgheadasan spioradail,
A ’faighinn duilgheadas pòsaidh, briseadh dhachaigh, Instant
soirbheachas, faigh air ais na chaill thu a-riamh msaa..WhatsApp air +2347041712297
Post-d. doctorcharlesspellword99@gmail.com.
thèid na duilgheadasan agad fhuasgladh sa bhad. Bidh e a ’dèanamh na leanas:
1) Geasan gaoil
2) Geasan gaoil air chall
3) Geasan sgaradh-pòsaidh
4) Geasan pòsaidh
5) Litreachadh ceangail.
6) Geasan brisidh
7) Cuir às do leannan a chaidh seachad
8.) Tha thu airson gun tèid do bhrosnachadh anns an oifis agad / geas a ’Chrannchur
Post a Comment