4.3.06

Tha mi air ais...

Halò a-rithist! :-) Uill, tha mi air ais… Tha fios agam, cha do sgrìobh mi an seo airson ùine mhòr mhòr! Carson???!!! Uill, anns an Fhaoilteach bha mi anns na h-Innseachan, agus anns a’Ghearran bha mi tinn :-( … agus leisg… ;-) Uill, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil mo bhlog a’ coimhead cho èibhinn a-nis: nuair a tha daoine a’ tadhal air mo bhlog, ’s dòcha,’s e a’chiad rud a tha iad a’ faicinn, na faclan “Bliadhna Mhath ùr!”:-) Mar sin, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil àm ann airson rudeigin a sgrìobhadh a-rithist. ’S dòcha gun innis mi rudeigin dhuibh a dh’aithghearr. Rudeigin mu dheidhinn nan Innseachan, no rudeigin eile… Agus, cuideachd, tha mi ag iarraidh mo bhlog atharrachadh rud beag… Uill, chun an ath thuras, ma-thà! :-)

2 comments:

mona said...

Fàilte air ais, a bhan-charaid! :-)
Bidh sinn uile toilichte leughadh tuilleadh bhuat.
Mona

Flùr said...

Halò a Mhona, ciamar a tha thu? Gu dearbh, tha mi a' smaoinntinn gun cuir mi rudeigin air a'bhlog a dh' aithghearr, le dealbhan, gu cinnteach!:-)