25.11.05

Salem! (Halò!)

Tha a h-uile càil ceart gu leòr a-nis, agus an-diugh chì sibh na dealbhan inntinneach a bha mi ag iarraidh sealltainn dhuibh. Agus ged nach eil mi cinnteach ciamar a chanas mi cuid de rudan anns a’Ghàidhlig, agus ged a bhios mi, ’s dòcha, a’dèanamh mearachdan an siud ’s an seo, tha mi a’dol a dh’innse dhuibh beagan mu dheidhinn Khazakhstan, agus mu dheidhinn a’bhaile far a bheil mi a’fuireach, Almaty.

Ach an toiseach, don fheadhainn aig nach eil fios mu dheidhinn Khazakhstan idir, is mu dheidhinn càit’ a bheil an dùthaich seo, feumaidh mi mìneachadh. ’S e tè de na dùthchannan Àisianach a tha ann an Kazakhstan, tha i faisg air an Rùis, agus faisg air Sìna, cuideachd. Bha i na pàirt de dh’ USSR roimhe, ach tha i neo-eisimeileach a-nis.

’S e dùthaich gu math inntinneach a tha ann an Kazakhstan. Uill, chan eil mi cinnteach mu dheidhinn na dùthcha gu lèir co-dhiù :-), oir nach robh mi riamh ann am pàirtean eile de Khazakhstan. Ach ’s urrainn dhomh ràdh le cinnt gur e baile brèagha inntinneach a th’ ann an Almaty, agus gu bheil na h-àiteachan a tha faisg air Almaty inntinneach gu leòr cuideachd. Co-dhiù, seallaibh air na dealbhan agam, agus tha mi’n dòchas gun còrd iad ruibh, agus ’s dòcha gun aontaich sibh leam gur e àite sònraichte a tha ann an Almaty, gu dearbh.
Tha mòran àiteachan diofaraichte againn an-seo ann an Kazakhstan, chan e steppes a-mhàin. Tha beanntan àlainn againn cuideachd an seo, agus tha pàircean brèagha ann ann an Almaty, gu dearbh. Agus tha cuid ag ràdh gu bheil togalaichean gu math inntinneach anns a’bhaile againn. Tha tòrr dhealbhan uabhasach inntinneach agam, gu dearbh. An-diugh, bu mhath leam tòiseachadh leis na dealbhan dhen bhaile fhèin.

Tha mi a’fuireach faisg air Republic Square (Chan eil fios agam ciamar a chanas mi sin sa Ghàidhlig), agus tha pàirc bhrèagha ann faisg air an àite seo cuideachd. Mar a sgrìobh mi anns a’bhlog roimhe, ’s toil leam a bhith a’coiseachd an sin anns an fhoghar nuair a tha dathan àlainn air duilleagan nan craobhan. Agus ged nach eil duilleagan air na craobhan a-nis, agus ged a tha i a’fàs nas fhuaire a-nis, anns an t-Samhain, bu mhath leam sealltainn dhuibh na dealbhan a thog mi anns an Dàmhair, nuair a bha i na bu bhlàithe agus nuair a bha i brèagha gu leòr. :)
Mar sin, seo a’ phàirc sin, agus na craobhan àlainn: Agus seo Republic Square fhèin:
’S e baile mòr a th’ ann an Almaty, agus bha Almaty na phrìomh-bhaile ann an Kazakhstan uaireigin, ach a-nis, ’s e Astana am prìomh-bhaile an seo. Tha dà chànan air am bruidhinn ann an Kazakhstan, Kazakh agus Ruiseanais (no Ruisis?). ’S e Kazakh an cànan oifigeil anns an dùthaich seo, agus ’s e Ruiseanais “cànan a’chonaltraidh eadar-nàiseanta” an-seo, mar a chanas iad. Cha bhi ach ceathrad às a'cheud de dhaoine a’bruidhinn Kazakh an seo, agus ’s e Ruiseanais a’phrìomh chànan aig càch.
Tha “Almaty”, no “Alma-Ata”, mar a chanadh ris a’ bhaile seo roimhe, a’ciallachadh “Athair nan ùbhlan” ann an Kazakh. Tha an t-ainm inntinneach seo air a’bhaile, ’s dòcha air sgàth ’s gu bheil ùbhlan gu leòr a’ fàs an seo.
Feumaidh mi aideachadh, co-dhiù, nach eil Kazakh agam. Dh’fheuch mi ri an cànan seo ionnsachadh nuair a bha mi anns an sgoil fhathast, ach a-nis dhìochuimhnich mi na dh’ionnsich mi. Chan eil cuimhne agam ach air beagan fhaclan… Tha e doirbh dhomh Kazakh ionnsachadh, leis an fhìrinn innse.
Co-dhiù, seo beagan abairtean ann an Kazakh, Ruiseanais agus Gàidhlig. ’S dòcha gum biodh ùidh agaibh annta. :)

Kazakh: ______Ruiseanais:_____Gàidhlig:

Salem!_________Privet!!_________Halò!
Salemetsiz be? __ Zdravstvuite!______Halò!
Chosh keldinizder!_Dobro pojalovat!__Fàilte!
Kaiyrly tan!______Dobroye utro!___Madainn mhath!
Kaiyrly kesh!____Dobry vetsher!___Feasgar math!
Kaiyrly tun!_____Dobroy notshi!__Oidhche mhath!
Chalin kalay?____Kak dela?_____Ciamar a tha thu?
Jaksy, rachmet-Chorosho, spasibo-Tha gu math, tapadh leat
Sau bol!_________Poka!_________Tìoraidh!


Tha sin uabhasach doirbh, nach eil? :) Gu h-àraidh air sgàth ’s nach urrainn dhomh fuaimneachadh nam faclan seo a mhìneachadh dhuibh fhathast! :-) Ach, co-dhiù,… chan eil, chan eil sin cho doirbh, tha mi a’smaoinntinn… - bhiodh e mòran na bu dorra dhuibh seo a leughadh nan cleachdadh mi ‘Cyrillic font’ an seo, nuair a sgriobh mi na h-abairtean seo! :) Ach tha fios agam nach urrainn do dh’fheadhainn litrichean Cyrillic fhaicinn air na coimpiutaran aca. Mar sin cha bhi mi a’cleachdadh litrichean Ruiseanais an-seo. (Mura h-eil fios aigaibh – tha aibidil Ruiseanais (agus Kazakh cuideachd) gu tur eadar dhealaichte bhon aibidil Bheurla agus Ghàidhlig – feumaidh tu Cyrillic font a chleachdadh air a son.)
Uaireannan, canaidh daoine a tha ag ionnsachadh Ruiseanais, gur e cànan glè dhoirbh a th’ ann. Co-dhiù, ma tha ùidh agaibh ann an Ruiseanais, seo dà làraich-lìn mu dheidhinn a’chànain seo:
http://www.learningrussian.com
agus
http://www.masterrussian.com
Chan eil mi eòlach air làraichean sam bith mu dheidhinn Kazakh, ge-tà.

’S dòcha gum bu toil leibh barrachd dhealbhan fhaicinn, agus seallaidh mi dhuibh iad an ath thuras. Tha mi dhen bheachd gur e na beanntan an t-àite as inntinniche ann an Kazakhstan. Tha iad uabhasach brèagha, gu dearbh, agus bidh cothrom agaibh am faicinn a dh’aithghearr anns a’bhlog seo…

10 comments:

Graisg said...

‘S e aon de na pìosan as inntinniche a leugh mi a riamh ann an Tìr nam Blòg. Sin thu fhèin Flùr!

Co tha siud anns an tractar? A bheil thusa eòlach air?
:-)

Flùr said...

'S dòcha gu bheil :-),ach chan eil fios agam le cinnt, - chan urrainn dhomh fhaicinn cò tha ann :-).
Uill, leis an fhìrinn innse, nuair a thog mi an dealbh sin, chan fhaca mi gu robh tractar ann! :-)

mona said...

Fhlùr, tapadh leat airson an aithris seo, bha sin uabhasach inntinneach! Agus abair deagh Ghàidhlig a tha agad!!! Cuin a thòisich thu Gàidhlig ionnsachadh?? Tha thu dìreach sgoinneil!
Cùm ort.
mona

Slèite said...

halò, a Fhlùr! Thuirt Mona gum feum mi tighinn an-seo airson leughadh na sgrìobh thu. Agus tha i ceart. Abair deagh Ghàidhlig a th'agad. Leughaidh mi barrachd nuair a bhios barrachd ùine agam. Ach nach math a rinn thu!

Chì mi thu

Flùr said...

Tapadh leibh, a h-uile duine! Tha mi cho toilichte gun do chòrd ruibh na sgrìobh mi! :)
Ach chan eil mi a'smaoineachadh gu bheil mo Ghàidhlig glè mhath - chunnaic mi aon mhearachd ann mar thà. :)
Agus, a Mhona, thòisich mi Gàidhlig ionnsachadh anns an t-Samhain, 2003.

mona said...

hey fhlùr, cuin a sgrìobhas tu tuilleadh? ;-) bu toigh leam rudan eile mu kasachstan a leughadh... agus is dòcha gun cuir thu dealbh agad fhèin ann an-seo? ;-)
mona

Flùr said...

Tha mi a'smaoineachadh mu dheidhinn sin dìreach an-dràsta :-). Ach chan eil m'aithris ùr mu Khazakhstan deiseil fhathast... Chan eil fios agam fhathast ciamar a chanas mi cuid de rudan sa Ghàidhlig...

tearlach61 said...

Leugh mi a sgrìobh mu dheidhinn do dhùthcha. Abair aithris inntinneach!

Feumaidh mi ràdh gur e fìor deagh Ghàidhlig a th'agad.

Cùm ort, chànainn gur e fear na h-aithrisean as inntinniche a leugh mi. Gu cinnteach tha thu a'beartachadh Tìr nam Blòg.

Bhiodh ùidh ann a bhith a'faicinn mar a tha na beantainn a'coimhead ann an Kazakstan.

Chuck

Flùr said...

Tapadh leibh a Chuck! Tha mi toilichte gun do chòrd m'aithris ruibh! :-)
Agus sgrìobh mi aithris ùr, mu na beanntan mar thà, mar a tha sibh a'faicinn! :-)

Unknown said...

bridge to russian Thought you would find this interesting. We love your pictures too by the way = ) Dustin and Iryna