22.12.05

Beanntan

Fàilte gu Kazakhstan a-rithist, a charaidean! :-)

Innsidh mi dhuibh mu na beanntan an turas seo.
’S e Zailiysky Alatau an t-ainm a th’air na beanntan gu lèir a tha faisg air Almaty. ’S ann tric a tha sinn a’dol ann le caraidean mo mhàthar, agus bha sinn ann am mòran phàirtean de Zailiysky Alatau mar-thà.

Tha na beanntan seo àlainn, àrd (’S e Talgar a’bheinn as àirde an-seo, 5017m), drùidhteach, le seallaidhean iongantach an siud ’s an seo. Uill co-dhiù, chan eil na beanntan seo math anns a h-uile dòigh: tha iad òg, agus air sgàth sin, bidh crithean-talmhainn anns a’bhaile againn bho àm gu àm. Ach co-dhiù, tha sinn cleachdte ri sin mar-thà.

Co-dhiù, ’s e na beanntan an t-àite as annsa leam, agus ’s toil leam a bhith a’coiseachd ann, agus a’coimhead air na seallaidhean brèagha. Tha mòran àiteachan àlainn ann, agus mòran rudan inntinneach ri fhaicinn. Aibhnean, coilltean-giuthais, flùraichean, beathaichean, eòin… Gu dearbh, ’s toil leam dealbhan inntinneach a thogail a h-uile turas a tha mi anns na beanntan.

Uill, seo dealbhan a thog sinn nuair a bha sinn ann an àite ris an canar “Kim-Asar”, àite brèagha gu dearbh:












































Agus seo dealbhan bho àite eile inntinneach, Bealach Mòr Talgar (Great Talgar Pass):

































Agus anns an t-samhradh bha sinn ann an àite eile, Alma-Arasan gorge, àite gu math inntinneach air sgàth na seallaidhean brèagha, feòragan agus mineral sources.

































Uill, nuair a tha thu anns na beanntan, faodaidh tu rudan eile fhaicinn, chan e beanntan a-mhàin! :-) Tha dà àite ann cuideachd, a tha gu math inntinneach, gu h-àraidh do fheadhainn aig a bheil ùidh ann an spòrs, agus tha na h-àiteachan seo gu math popular agus ainmeil, is chan ann ann an Kazakhstan a-mhàin, ach ann an dùthchannan eile cuideachd.
’S e Medeo am fear de na h-àiteachan sin. ’S e skating rink a th’ann:











Faisg air an skating rink seo, mar as urrainn dhuibh faicinn (’s dòcha), tha dam ann, a dhìonas ar baile an aghaidh thuiltean, air sgàth 's gu bheil abhainn ann an àite seo, cuideachd:











Agus seo an t-àite eile, mountain-ski resort ris an canar Chimbulak, àite air leth math airson sgitheadh, ged a thog mi an dealbh sin anns an fhoghar nuair nach robh cus sneachd ann! ;-)











Uill, tha dealbhan eile agam a tha uabhasach inntinneach agus tha mi a’dol gan cur an seo a dh’aithghearr!!!


(Obh obh, cus fhaclan an seo air nach eil mi eòlach anns a’Ghàidhlig… :-( )

4 comments:

mona said...

wow, sgoinneil!!! tha mi dìreach air na dealbhan ùra seo agad fhaicinn, agus feumaidh mi coimhead orra gu mionaideach uair eile... tha iad uabhasach brèagha, agus tha na beanntan àrd agus annsach gu dearbh. na gabh dragh mu na faclan air nach robh thu eòlach, tha mòran faclan "modern" ann nach faigh thu anns a' ghàidhlig... :(
a-nis, tha an cabhag orm, feumaidh mi an taigh a sgioblachadh mus tig janni (slèite) a chèilidh orm, hehe...
ach bheir mi sùil air na dealbhan agad a-rithist!
mona

Eòsaph said...

A Fhlur -- Tha an dealbhan agad innteannach gu mor agus tha mi a coimhead air adhart a bhith a' sealltainn tuilleadh.

> Obh obh, cus fhaclan an seo air nach eil mi eòlach anns a’Ghàidhlig… :-(

Mar a thuirt Bill Clinton againn, "tha mi a' faireachdainn do pian!"

Graisg said...

Th sin dìreach sgoinneil Fhlùr. Cha robh Kazakhstan ach àite air a’ mhapa dhuinn mus tug thu càil-bidhe dhuinn airson tuilleadh faighinn a-mach. A-nis leis do dhealbhan agus do sgriobhaidh tha an dùthaich agad tighinn beò nar smaointinn. Cùm ort leis a’ Ghàidhlig agus Nollaig Chridheil agus bliadhna mhath ùr dhut.

Flùr said...

Tapadh leibh a Mhona, Eòsaiph agus a Ghraisg! Tha mi cho toilichte gun do chòrd na dealbhan ruibh!!!!!