26.12.05

Nollaig Chridheil! :-)

Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr, a h-uile duine!!!!! :-)

5 comments:

mona said...

tha mi an dòchas gun robh laithean brèagha na nollaige agad, fhlùr! :)
chì mi thu!
tha laithean saora agam a-nis agus is urrainn dhomh dol a-steach dhan t-seòmar chòmhradh tron latha a-rithist... an tig thu ann uaireigin?
mona

Flùr said...

Thig, gu cinnteach!!! Ach chan eil fios agam cuin, fhathast. Dh'fhaoite gum bi mi trang an t-seachdain seo, air sgàth am Bliadhna ùr, ach ma bhios tìde agam, 's urrainn dhomh a dhol ann, 's dòcha,aig 9 uairean feasgar (ann an Kazakhstan) gach latha.
Bha latha na Nollaige gu math inntinneach agam gu dearbh. Bha mi anns na beanntan a-rithist, agus thachair rudan gu math èibhinn ann... Uill innsidh mi dhut mu dheidhinn sin uaireigin, 's dòcha, anns an t-seòmar :-)

Seonaidh said...

'Se dealbh mhaiseach a th'innte a Fhlùr agus ma a rinn thu fhéin i, 'se deagh bhan-ealain a th'annadsa dha riribh! Tha mi an dòchas gun robh Latha na Nollaige aoibhneach agad cuideachd.
Seonaidh

Graisg said...

leithid cheudna dhut Fhlùr.
cùm ort le do chuid sgrìobhaidh ann an 2006! :-)

Flùr said...

Bliadhna Mhath ùr dhuibh uile, a Mhona, a Sheonaidh is a Ghraisg! :-)

A Sheonaidh, rinn mi-fhìn an dealbh sin, anns a'phrògram Adobe Photoshop, ach co-dhiù, chan eil mi a' smaoinntinn gur e deagh bhan-ealain a th'annamsa... :-)