23.3.07

Nauryz Kutty Bolsyn! ;-)

Bha fèill againn an-dè (22mh latha dhen Mhàrt). Nauryz. 'S e sin Bliadhna Ùr Casagach. An t-àm nuair a thòisicheas an t-earrach gu dearbh. Spring equinox. Ciamar a chanas mi sin sa Ghàidhlig? Co-dhiù, tha an t-earrach ann gun teagamh, tha i brèagha, agus tha i blàth, agus chan eil sneachd ann idir!!!
Aig àm na fèille seo, tha na sràidean ann an Almaty a' coimhead gu math snog. Thog mi beagan dhealbhan, ged nach eil iad cho math... Ach co-dhiù, 's dòcha gu bheil sibh airson faicinn dè tha dol ann an Almaty...

3 comments:

mona said...

Nach inntinneach a tha seo. Tha mi eòlach air "Nevroz" no "Nouruz" bhon cultar Turcach no Kurdish. An e sin an aon rud?

Flùr said...

Tha mi a' smaoineachadh gur e sin an aon rud, gu dearbh.

Gràisg said...

Halò Flùr, tha sinn glè intinneach. Chuala mi do ghuth air DVD a fhuair mi den Phrògram Cuairt nam Blog. Bha thusa a' bruidhinn le Chuc. :-)