23.12.05

Dealbhan eile

Uill, nuair a bha sinn anns na beanntan, thog sinn dealbhan eile a tha gu math inntinneach. Agus tha mi’n dòchas gun còrd iad ruibh :-)

Seo lorg-coise an fhamhair a tha a’fuireach anns na beanntan againn ;-)

’S toil leam an dealbh seo, cuideachd:

Nuair a bha mi anns a’bhealach Mhòr Talgar, chunnaic mi na flùraichean seo, agus sneachd na laighe air an talaimh air feadh an àite!

Seo feòrag a chunnaic mi nuair a bha mi ann an Alma-Arasan:

Dealbhan eile:

Agus seo fear de na dealbhan as inntinniche, ’s dòcha :-)

4 comments:

Slèite said...

Sgoinneil, a fhlùr! 's toigh leam na dealbhan gu mòr. 'S toigh leam-sa coiseachd anns na beanntan cuideachd agus togaidh mi mòran dhealbhan bho'n mhullach gach turas. Tha an dealbh leis a'cheò agus dealbhan nam beanntan àrda agus biorach air leth brèagha. 'S e àite brèagha a th'ann!

Flùr said...

Tapadh leat a Shlèite! Tha mi toilichte gur toil leat na dealbhan agam!!!
Carson nach cuir thusa na dealbhan de na beanntan, a thog thu, anns a'bhlog agad? Dh'fhaodadh gu bheil iad brèagha cuideachd! :-)

mona said...

sgoinneil! tha na dealbhan agad glè àlainn gu dearbh. cha robh fios agam gu bheil beanntan cho àrd agus inntinneach ann an kasachstan. bha mi a' smaoineachadh gu bheil an tìr ìosal... uill, cha robh càil a dh' fhios agam, leis an fhìrinn innse ;) is toigh leam na beanntan is craobhan...
an tèid mòran daoine a choiseachd no sgitheadh annta?
mona

Flùr said...

Tha daoine gu leòr ann, gu dearbh!!!
Tha na h-àiteachan sin a'còrdadh leis na daoine a tha a'fuireach an seo, gu mòr!!!